Skip to content

Dè th’ ann am B2?

Bu chòir gum bi an fheadhainn a ruigeas an ìre Adhartach B2 mar-thà air timcheall air 400 uairean a thìde de dh’ionnsachadh a dhèanamh agus a bhith cofhurtail le cleachdadh làitheil a’ chànain. Bu chòir gum bi seo a’ gabhail a-steach ghnìomhairean riaghailteach agus neo-riaghailteach anns na tràthan sa ghuth ghnìomhach gu lèir – caithte, teachdail, agus cumhach, na prìomh riochdairean roimhearach agus na roimhearan fillte as cumanta. Bu chòir gum bi greim math aig luchd-ionnsachaidh B2 air siostam nan tuislean – ainmneach, tabhartach, ginideach, agus gairmeach. Tha an cùrsa B2 a’ cur fòcas air tuigsinn a’ chànain nàdarra a tha ga bruidhinn le luchd-labhairt dùthchasach, na dualchainntean aca agus briathrachas agus gràmar adhartach a thathar a’ cleachdadh airson cuspairean nas iom-fhillte no eas-chruthach. Coltach ri B1, tha an cùrsa B2 a’ toirt seachad 200 uair a bharrachd de dh’ionnsachadh agus tha measaidhean gan tabhann leathach slighe tron chlàr-theagaisg, B2 Pàirt 1, agus aig deireadh na h-ìre, B2 Pàirt 2.

Bu chòir gum bi tagraichean B2 (Pàirt 2) comasach air bruidhinn le ìre fileantais is saorsa a nì conaltradh cunbhalach ri luchd-labhairt fileanta comasach gun strì air taobh seach taobh den chòmhradh. Bu chòir dhaibh prìomh bheachdan ann an teacsaichean toinnte an dà chuid air cuspairean nitheil agus eas-chruthach a thuigsinn, a’ gabhail a-steach còmhraidhean teicnigeach san raon eòlais aca fhèin. Bu chòir dhaibh a bhith comasach air teacsa soilleir, mionaideach a sgrìobhadh air farsaingeachd de chuspairean agus sealladh a mhìneachadh air cùis chuspaireil – a’ toirt seachad nam buannachdan is eas-bhuannachdan de chaochladh bheachdan.

b2-header

Adhartach

Comasan Labhairt

Is urrainn dhomh bruidhinn le ìre fileantais agus saorsa a nì conaltradh cunbhalach ri luchd- labhairt fileanta comasach gun strì air taobh seach taobh den chòmhradh.

Is urrainn dhomh pàirt ghnìomhach a ghabhail ann an còmhraidhean ann an co-theacsaichean is aithne dhomh, a’ mìneachadh agus a’ daingneachadh mo bheachdan.

Is urrainn dhomh mìneachaidhean soilleir, mionaideach a thoirt seachad air farsaingeachd de chuspairean co-ceangailte rim raon eòlais.

Is urrainn dhomh sealladh a mhìneachadh air cùis chuspaireil – a’ toirt seachad nam buannachdan is eas- bhuannachdan de chaochladh bheachdan.

Comasan Èisteachd

Is urrainn dhomh òraidean is labhairt fhada a leantainn fiù ’s le loidhnichean argamaide toinnte cho fad ’s aithne dhomh an cuspair gu ìre.

Is urrainn dhomh a’ mhòr- chuid de phrògraman TBh naidheachdan is aithriseach a thuigsinn.

Is urrainn dhomh a’ mhòr- chuid de dh’fhilmichean is phrògraman anns na dualchainntean coitcheann a thuigsinn.

Comasan Leughaidh

Is urrainn dhomh altan agus aithisgean a leughadh mu thrioblaidean an latha an-diugh anns am bi na sgrìobhadairean a’ gabhail sheasamhan no sheallaidhean sònraichte.

Is urrainn dhomh rosg litreachail co-aimsireil a thuigsinn.

Comasan Sgrìobhaidh

Is urrainn dhomh teacsa soilleir, mionaideach a sgrìobhadh air farsaingeachd de chuspairean a bhuineas do na h-ùidhean agam.

Is urrainn dhomh aiste no aithisg a sgrìobhadh, a’ toirt seachad fiosrachadh no adhbharan a chuireas taic ri no a thèid an aghaidh sealladh àraid.

Is urrainn dhomh litrichean a sgrìobhadh a’ soilleireachadh brìgh phearsanta a bh’
aig tachartasan agus fiosrachaidhean.

Sabhal Mòr Ostaig is a Scottish registered charity – No. SC002578

Partners and Key Funders