Skip to content

Dè th’ ann an A1?

Tha clàr-teagaisg na h-ìre Inntrigidh A1 ag amas air luchd-ionnsachaidh a tha ùr don chànan. Air dhaibh crìoch a chur air an ìre seo, bu chòir do luchd-ionnsaichidh a bhith comasach air faclan agus abairtean làitheil glè bhunaiteach as aithne dhaibh a thuigsinn agus a chleachdadh. Bu chòir gum bi iad comasach iad fhèin agus daoine eile a chur an aithne a chèile agus a bhith comasach air ceistean a chur agus a fhreagairt mu fhiosrachadh pearsanta bunaiteach, mar eisimpleir cò às a tha iad, càit a bheil iad a’ fuireach, fiosrachadh mun teaghlach aca, cur-seachadan agus an obair aca, agus na rudan as toil leotha is nach toil leotha. Bu chòir gum bi luchd-ionnsachaidh comasach air conaltradh bunaiteach a dhèanamh sa chànan air cuspairean pearsanta as aithne dhaibh.

A1

Inntrigeadh

Comasan Labhairt

Is urrainn dhomh conaltradh a dhèanamh ann an dòigh sìmplidh cho fad ’s a tha an duine eile deònach rudan a ràdh a-rithist no a chur ann an dòigh eile a’ bruidhinn aig astar nas slaodaiche agus mo chuideachadh leis na tha mi a’ feuchainn ri ràdh.

Is urrainn dhomh ceistean sìmplidh a chur agus a fhreagairt ann an raointean far a bheil feum sa bhad air cuspairean air a bheil mi gu math eòlach.

Is urrainn dhomh abairtean is seantansan sìmplidh gus cunntas a thoirt air an àite far a bheil mi a’ fuireach agus air daoine air a bheil mi eòlach.

Comasan Èisteachd

Is urrainn dhomh faclan agus abairtean glè bhunaiteach air a bheil mi eòlach aithneachadh mum dheidhinn fhèin, mu mo theaghlach agus mu rudan mun cuairt orm nuair a bhruidhneas daoine gu slaodach agus gu soilleir.

Comasan Leughaidh

Is urrainn dhomh ainmean, faclan agus seantansan glè shìmplidh a thuigsinn, mar eisimpleir air sanasan agus postairean no ann an irisean.

Comasan Sgrìobhaidh

Is urrainn dhomh cairt-phuist ghoirid shìmplidh a sgrìobhadh, mar eisimpleir a’ cur beannachdan shaor-làithean.

Is urrainn dhomh foirmean a lìonadh le fiosrachadh pearsanta, mar eisimpleir
a’ cur a-steach m’ ainm,

Sabhal Mòr Ostaig is a Scottish registered charity – No. SC002578

Partners and Key Funders