Skip to content

Measadh Air-loidhne

Tha am measadh air-loidhne seo a’ leigeil le luchd-ionnsachaidh an ìre as fheàrr a fhreagras air an cuid sgilean cànain a lorg mus clàraich iad airson cùrsa Gàidhlig no mus cuir iad romhpa deuchainn FICE a dhèanamh. Chan eil e comasach don mheasadh air-loidhne seo ach na sgilean Èisteachd, Leughadh agus Sgrìobhadh a mheasadh. Bu chòir gum bi tagraichean cofhurtail gun urrainn dhaibh na pàirtean Labhairteach a choileanadh airson na h-ìre FICE buntainniche mus clàraich iad an deuchainn aca. Bu chòir gun cleachdar am measadh air-loidhne mar stiùireadh, chan e barantas a th’ ann gum bithear soirbheachail anns an deuchainn FICE.

*Aig ìre B2 tha am measadh air-loidhne ag obair mar iùil air an t-susbaint ghràmair sa chùrsa B2. Tha an ìre de chomas cànain ris a bheilear an dùil aig B2 tarrsaing air na sgilean gu lèir ro adhartach a mheasadh ann am fòrmat ceisteachan air-loidhne.*

Sabhal Mòr Ostaig is a Scottish registered charity – No. SC002578

Partners and Key Funders