Skip to content

Sgèile Coitcheann

FICE – Frèam Iomraidh Cumanta Eòrpach a’ tabhann sreath de mheasaidhean comais coitcheann agus teisteanasan do luchd-ionnsachaidh inbheach cho math ri fileantaich no leth-luchd-labhairt na Gàidhlig. Leigidh measaidhean FICE le tagraichean an cuid comais cànain fhèin a luachadh anns na prìomh cheithir raointean comais: labhairt, èisteachd, leughadh, agus sgrìobhadh, bho luchd-tòiseachaidh gu ìrean adhartach. Bidh na measaidhean seo cuideachd gu feum an luchd-fastaidh a tha airson comas cànain an luchd-obrach no tagraichean-obrach a sgrùdadh.

An cois na làraich-lìn seo tha measadh sìmplidh air-loidhne a leigeas le tagraichean an ìre as fheàrr a fhreagras air an cuid sgilean cànain a lorg mus clàraich iad airson cùrsa Gàidhlig no mus cuir iad romhpa deuchainn FICE a dhèanamh.

Tha an clàr-teagaisg agus na measaidhean FICE stèidhichte air an Common European Framework of Reference for Languages – CEFR a tha aithnichte gu h-eadar-nàiseanta. Tha seo air slatan-tomhais eadar-nàiseanta a stèidheachadh airson comas cànain bonntaichte air abairtean practaigeach ‘is urrainn dhomh’ airson gach fear de na sgilean cànain. Tha comas cànain air a sgaoileadh eadar sia ìrean A1 gu C2. Thathar ag aithneachadh nan ciad ceithir ìrean – A1, A2, B1 agus B2, mar ìrean ionnsachaidh agus ’s iad na h-ìrean air am measadh leis na deuchainnean FICE. Seachad orra seo tha C1 agus C2 a’ gabhail a-steach fileantas nas adhartaiche proifeasanta agus acadaimigeach a ghabhas ionnsachadh le bhith a’ sgrùdadh cùrsa aig ìre oilthighe no le bhith ag obair tro mheadhan a’ chànain.

Tha an clàr a leanas a’ sealltainn nam prìomh bhriathran airson nan ceithir ìrean ionnsachaidh:

Tha an clàr a leanas a’ sealltainn na h-àireimh as lugha de dh’uairean ionnsachaidh a dh’fheumar airson ìre comais a ruigsinn aig gach ìre FICE mus tèidear air adhart don ath ìre. ’S iad na ciad cheithir ìre A1 – B2, air an gabhail a-steach le measaidhean FICE, ‘na h-ìrean ionnsachaidh’ foirmeil. Bu chòir do luchd-ionnsachaidh a bhith air fileantas gnìomhach sa chànan air dhaibh crìoch a chur air na h-ìrean seo, le fileantas an uair sin air a leasachadh nas fhaide aig ìre Foghlaim Àrd-ìre agus tro cleachdadh leantainneach sòisealta, proifeasanta no acadaimigeach aig ìre C1 agus C2.

Inntrigeadh
Entry

Is urrainn dhomh abairtean is briathran aithnichte a tha gan cleachdadh bho latha gu latha a thuigsinn agus a chleachdadh ag amas air na tha a dhìth orm gu practaigeach.

Is urrainn dhomh mi fhèin is duine eile a chur an aithne a chèile agus ceistean a chur agus a fhreagairt mu fhiosrachadh pearsanta, mar eisimpleir far a bheil mi a’ fuireach, daoine as aithne dhomh agus rudan a th’ agam.

Is urrainn dhomh conaltradh a dhèanamh ann an dòigh sìmplidh cho fad ’s a tha an duine eile a’ bruidhinn gu slaodach agus gu soilleir agus a tha deònach mo chuideachadh.

Tha cù agam. ’S e Ceiteag an t-ainm a th’ oirre. Tha i dà bhliadhna a dh’aois. Tha i a’ fuireach anns an taigh agam. Is toil leam coin. Bha peata agam a-riamh nuair a bha mi òg.

Bunaiteach
Foundation

Is urrainn dhomh seantansan agus abairtean cunbhalach a thuigsinn a tha ceangailte ri raointean a tha a’ buntainn rium (me fiosrachadh gu math bunaiteach mum dheidhinn fhèin is mo theaghlach, ceannachd, fiosrachadh ionadail, obair).

Is urrainn dhomh conaltradh a dhèanamh ann an gnìomhan sìmplidh gnàthach a dh’fheumas fiosrachadh sìmplidh dìreach air chùisean gnàthach as aithne dhomh.

Is urrainn dhomh mìneachadh ann an dòigh sìmplidh taobhan dem chùl-fhiosrachadh, den àrainneachd mun cuairt orm agus rudan a tha dhìth orm san àm.

’S e cù-chaorach a th’ ann an Ceiteag, seòrsa coin a tha uabhasach math air obair a dhèanamh le caoraich. Bidh mi ga toirt leam dhan a h-uile àite. Bheir mi tòrr aire agus gaoil dhi.

Eadar-mheadhanach
Intermediate

Is urrainn dhomh prìomh phuingean conaltraidh a thuigsinn ann an cànan soilleir stèidhichte air chuspairean is aithne dhomh ceangailte ri obair, sgoil, cur- seachadan, msaa.

Is urrainn dhomh dèiligeadh ris a’ mhòr-chuid de shuidheachaidhean a tha buailteach nochdadh is mi a’ siubhal ann an sgìre far a bheil an cànan ga bhruidhinn.

Is urrainn dhomh teacsa ceangailte sìmplidh a sgrìobhadh air chuspairean, as aithne dhomh, no anns a bheil ùidh agam.

Is urrainn dhomh tachartasan, aislingean, dòchasan & miannan a chur an cèill agus adhbharan agus mìneachaidhean a thoirt seachad airson bheachdan is planaichean.

Ged a tha Ceiteag toilichte le a beatha, bhiodh e math cù eile fhaighinn a chluicheadh leatha, oir tha i a-staigh leatha fhèin gu tric is math dh’fhaodte beagan aonaranach.

Adhartach
Advanced

Is urrainn dhomh bruidhinn le ìre fileantais is saorsa a nì conaltradh cunbhalach ri luchd- labhairt fileanta comasach gun strì air taobh seach taobh den chòmhradh.

Is urrainn dhomh prìomh bheachdan ann an teacsaichean toinnte an dà chuid air cuspairean nitheil agus eas-chruthach a thuigsinn, a’ gabhail a-steach còmhraidhean teicnigeach san raon eòlais agam fhèin.

Is urrainn dhomh teacsa soilleir, mionaideach a sgrìobhadh air farsaingeachd de chuspairean agus sealladh a mhìneachadh air cùis chuspaireil – a’ toirt seachad nam buannachdan is eas-bhuannachdan de chaochladh bheachdan.

’S i a’ cheist ge-tà am bu chòir beòthaichean a chumail mar pheataichean? Cluinnear tric mu dhaoine a bhios ag obair bho mhoch gu dubh is iad eu-chomasach cùram ceart a ghabhail riutha.

THA NA CEANGLAICHEAN A LEANAS A’ TOIRT SEACHAD MÌNEACHADH IOMLAIN AIR NA H-ÌREAN CEFR:

Uairean Ionnsachaidh

ÌRE FICE

UAIREAN AIRSON A CHOILEANADH

UAIREAN IONNSACHAIDH IOMLAN

A1

Inntrigeadh

90 – 100

90 – 100

A2

Bunaiteach

90 – 100

180 – 200

B1

Eadar- mheadhanach

150 – 200

350 – 400

B2

Adhartach

150 – 200

500 – 600

LEASACHADH FILEANTAIS

C1

Fileantas

250 – 300 [Higher Education]

750 – 1000

C2

Adhartach

Leantainneach

Leantainneach

Tha an clàr a leanas a’ sealltainn na h-àireimh as lugha de dh’uairean ionnsachaidh a dh’fheumar airson ìre comais a ruigsinn aig gach ìre FICE mus tèidear air adhart don ath ìre. ’S iad na ciad cheithir ìre A1 – B2 , air an gabhail a-steach le measaidhean SpeakGaelic , ‘na h-ìrean ionnsachaidh’ foirmeil. Bu chòir do luchd-ionnsachaidh a bhith air fileantas gnìomhach sa chànan air dhaibh crìoch a chur air na h-ìrean seo, le fileantas an uair sin air a leasachadh nas fhaide aig ìre Foghlaim Àrd-ìre agus tro cleachdadh leantainneach sòisealta, proifeasanta no acadaimigeach aig ìre C1 agus C2.

Uairean Ionnsachaidh

A1 Inntrigeadh

90-100 Uairrean airson a choileanadh. Uairean ionnsachaidh iomlan 90-100.

A2 Bunaiteach

90-100 Uairrean airson a choileanadh. Uairean ionnsachaidh iomlan 180-200.

B1 Eadar- mheadhanach

150-200 Uairrean airson a choileanadh. Uairean ionnsachaidh iomlan 350-400.

B2 Adhartach

150-200 Hours to complete. Total study hours 500-600.

LEASACHADH FILEANTAIS

C1 Fileantas

250-300 [Higher Education] [Foghlam Àrd-ìre] Uairrean airson a choileanadh. Uairean ionnsachaidh iomlan 750-1000.

C2 Fileantas

Uairrean airson a choileanadh. (Leantainneach)

Tha an clàr a leanas a’ sealltainn na h-àireimh as lugha de dh’uairean ionnsachaidh a dh’fheumar airson ìre comais a ruigsinn aig gach ìre FICE mus tèidear air adhart don ath ìre. ’S iad na ciad cheithir ìre A1 – B2 , air an gabhail a-steach le measaidhean SpeakGaelic , ‘na h-ìrean ionnsachaidh’ foirmeil. Bu chòir do luchd-ionnsachaidh a bhith air fileantas gnìomhach sa chànan air dhaibh crìoch a chur air na h-ìrean seo, le fileantas an uair sin air a leasachadh nas fhaide aig ìre Foghlaim Àrd-ìre agus tro cleachdadh leantainneach sòisealta, proifeasanta no acadaimigeach aig ìre C1 agus C2.

Comasan Labhairt

Inntrigeadh
Entry

Is urrainn dhomh conaltradh a dhèanamh ann an dòigh sìmplidh cho fad ’s a tha an duine eile deònach rudan a ràdh a-rithist no a chur ann an dòigh eile a’ bruidhinn aig astar nas slaodaiche agus mo chuideachadh leis na tha mi a’ feuchainn ri ràdh.

Is urrainn dhomh ceistean sìmplidh a chur agus a fhreagairt ann an raointean far a bheil feum sa bhad air cuspairean air a bheil mi gu math eòlach.

Is urrainn dhomh abairtean is seantansan sìmplidh gus cunntas a thoirt air an àite far a bheil mi a’ fuireach agus air daoine air a bheil mi eòlach.

Bunaiteach
Foundation

Is urrainn dhomh conaltradh a dhèanamh ann an
gnìomhan sìmplidh gnàthach a dh’fheumas fiosrachadh sìmplidh dìreach air cùisean gnàthach as aithne dhomh.

Is urrainn dhomh conaltradh goirid sòisealta a làimhseachadh, ged nach àbhaist dhomh gu leòr a thuigsinn airson an còmhradh a chumail a’ dol mi fhèin.

Is urrainn dhomh sreath de dh’abairtean agus seantansan a chleachdadh gus cunntas a thoirt air mo theaghlach agus daoine eile, mo dhachaigh, mo chuid foghlaim, agus air an obair a th’ agam an-dràsta, no an obair mu dheireadh a bh’ agam.

Eadar-mheadhanach
Intermediate

Is urrainn dhomh dèiligeadh ris a’ mhòr-chuid de shuidheachaidhean a tha buailteach nochdadh is mi a’ siubhal ann an sgìre far a bheil an cànan ga bhruidhinn.

Is urrainn dhomh a dhol an sàs gun ullachadh ann an còmhradh air cuspairean as aithne dhomh, sa bheil ùidh phearsanta agam no a’ buntainn ri beatha làitheil (me teaghlach, cur-seachadan, obair, siubhal is naidheachdan).

Is urrainn dhomh abairtean a chur ri chèile ann an dòigh shìmplidh gus tachartasan, aislingean, is mo dhòchasan & miannan a chur an cèill.

Is urrainn dhomh adhbharan is mìneachaidhean geàrr a thoirt seachad airson bheachdan is planaichean.

Is urrainn dhomh sgeul no plota leabhair no film aithris is m’ fhaireachdainn a chur an cèill.

Adhartach
Advanced

Is urrainn dhomh bruidhinn le ìre fileantais agus saorsa a nì conaltradh cunbhalach ri luchd- labhairt fileanta comasach gun strì air taobh seach taobh den chòmhradh.

Is urrainn dhomh pàirt ghnìomhach a ghabhail ann an còmhraidhean ann an co-theacsaichean is aithne dhomh, a’ mìneachadh agus a’ daingneachadh mo bheachdan.

Is urrainn dhomh mìneachaidhean soilleir, mionaideach a thoirt seachad air farsaingeachd de chuspairean co-ceangailte rim raon eòlais.

Is urrainn dhomh sealladh a mhìneachadh air cùis chuspaireil – a’ toirt seachad nam buannachdan is eas- bhuannachdan de chaochladh bheachdan.

THA NA CEANGLAICHEAN A LEANAS A’ TOIRT SEACHAD MÌNEACHADH IOMLAIN AIR NA H-ÌREAN CEFR:

Comasan Èisteachd

Inntrigeadh
Entry

Is urrainn dhomh faclan agus abairtean glè bhunaiteach air a bheil mi eòlach aithneachadh mum dheidhinn fhèin, mu mo theaghlach agus mu rudan mun cuairt orm nuair a bhruidhneas daoine gu slaodach agus gu soilleir.

Bunaiteach
Foundation

Is urrainn dhomh seantansan agus abairtean cunbhalach a thuigsinn a tha ceangailte ri raointean a tha a’ buntainn rium (me fiosrachadh gu math bunaiteach mum dheidhinn fhèin is mo theaghlach, ceannachd, fiosrachadh ionadail, obair).

Is urrainn dhomh a’ phrìomh phuing a ghlacadh ann an teachdaireachdan no gairmean goirid, soilleir, is sìmplidh.

Eadar-mheadhanach
Intermediate

Is urrainn dhomh prìomh phuingean conaltraidh a thuigsinn ann an cànan soilleir stèidhichte air cuspairean is aithne dhomh ceangailte ri obair, sgoil, cur-seachadan, msaa.

Is urrainn dhomh prìomh phuingean de dh’iomadh prògraim rèidio no TBh
air cùisean làitheil no air cuspairean sa bheil ùidh phearsanta no phroifeiseanta agam nuair a tha an lìbhrigeadh meadhanach slaodach agus soilleir.

Adhartach
Advanced

Is urrainn dhomh òraidean is labhairt fhada a leantainn fiù ’s le loidhnichean argamaide toinnte cho fad ’s aithne dhomh an cuspair gu ìre.

Is urrainn dhomh a’ mhòr- chuid de phrògraman TBh naideachdan is aithriseach a thuigsinn.

Is urrainn dhomh a’ mhòr- chuid de dh’fhilmichean is phrògraman anns na dualchainntean coitcheann a thuigsinn.

THA NA CEANGLAICHEAN A LEANAS A’ TOIRT SEACHAD MÌNEACHADH IOMLAIN AIR NA H-ÌREAN CEFR:

Comasan Leughaidh

Inntrigeadh
Entry

Is urrainn dhomh ainmean, faclan agus seantansan glè shìmplidh a thuigsinn, mar eisimpleir air sanasan agus postairean no ann an irisean.

Bunaiteach
Foundation

Is urrainn dhomh teacsaichean sìmplidh is glè ghoirid a leughadh.

Is urrainn dhomh fiosrachadh sònraichte, is ris an robh dùil a lorg ann an stuthan làitheil leithid shanasan, bhileagan clàran-bìdh agus clàran-ama.

Is urrainn dhomh litrichean pearsanta goirid sìmplidh a thuigsinn.

Eadar-mheadhanach
Intermediate

Is urrainn dhomh teacsaichean a thuigsinn a tha a’ cleachdadh sa mhòr-chuid cànan làitheil no obrach a bhios ga chleachdadh gu cunbhalach.

Is urrainn dhomh tuairisgeulan de thachartasan, faireachdainnean agus miannan a thuigsinn ann an litrichean pearsanta.

Adhartach
Advanced

Is urrainn dhomh altan agus aithisgean a leughadh mu thrioblaidean an latha an-diugh anns am bi na sgrìobhadairean a’ gabhail sheasamhan no sheallaidhean sònraichte.

Is urrainn dhomh rosg litreachail co-aimsireil a thuigsinn.

THA NA CEANGLAICHEAN A LEANAS A’ TOIRT SEACHAD MÌNEACHADH IOMLAIN AIR NA H-ÌREAN CEFR:

Comasan Sgrìobhaidh

Inntrigeadh
Entry

Is urrainn dhomh cairt-phuist ghoirid shìmplidh a sgrìobhadh, mar eisimpleir a’ cur beannachdan shaor-làithean.

Is urrainn dhomh foirmean a lìonadh le fiosrachadh pearsanta, mar eisimpleir
a’ cur a-steach m’ ainm,

Bunaiteach
Foundation

Is urrainn dhomh nòtaichean agus teachdaireachdan goirid sìmplidh a sgrìobhadh a tha
a’ buntainn ri rudan air a bheil feum sa bhad.

Is urrainn dhomh litir phearsanta glè shìmplidh a sgrìobhadh, mar eisimpleir a’ toirt taing do chuideigin airson rudeigin.

Eadar-mheadhanach
Intermediate

Is urrainn dhomh teacsa ceangailte sìmplidh a sgrìobhadh air cuspairean, as aithne dhomh, no anns a bheil ùidh agam.

Is urrainn dhomh litrichean pearsanta a sgrìobhadh a’ toirt tuairisgeul air fiosrachaidhean is faireachdainnean.

Adhartach
Advanced

Is urrainn dhomh teacsa soilleir, mionaideach a sgrìobhadh air farsaingeachd de chuspairean a bhuineas do na h-ùidhean agam.

Is urrainn dhomh aiste no aithisg a sgrìobhadh, a’ toirt seachad fiosrachadh no adhbharan a chuireas taic ri no a thèid an aghaidh sealladh àraid.

Is urrainn dhomh litrichean a sgrìobhadh a’ soilleireachadh brìgh phearsanta a bh’
aig tachartasan agus fiosrachaidhean.

THA NA CEANGLAICHEAN A LEANAS A’ TOIRT SEACHAD MÌNEACHADH IOMLAIN AIR NA H-ÌREAN CEFR:

Sabhal Mòr Ostaig is a Scottish registered charity – No. SC002578

Partners and Key Funders