Skip to content

Dè th’ ann an A2?

Tha clàr-teagaisg na h-ìre Bunaitiche A2 ag amas air luchd-ionnsachaidh a tha mar-thà air timcheall air 100 uair a thìde de dh’ionnsachadh a dhèanamh agus a tha cofhurtail ris na cuspairean bunaiteach a chaidh a theagasg aig A1. Bu chòir dhaibh seantansan agus abairtean cunbhalach a thuigsinn a tha a’ buntainn ri raointean ri làimh, mar eisimpleir, fiosrachadh pearsanta agus teaghlaich glè bhunaiteach, ceannachd, cruinn-eòlas ionadail, agus an obair aca. Bu chòir dhaibh a bhith comasach air conaltradh a dhèanamh ann an gnìomhan sìmplidh gnàthach a dh’fheumas fiosrachadh sìmplidh dìreach air cùisean gnàthach as aithne dhomh. Bu chòir dhaibh a bhith comasach air mìneachadh ann an dòigh sìmplidh taobhan dhen cùl-fhiosrachadh, den àrainneachd mun cuairt orra agus rudan a tha dhìth orra san àm.

A2 HeaderImage

Bunaiteach

Comasan Labhairt

Is urrainn dhomh conaltradh a dhèanamh ann an
gnìomhan sìmplidh gnàthach a dh’fheumas fiosrachadh sìmplidh dìreach air cùisean gnàthach as aithne dhomh.

Is urrainn dhomh conaltradh goirid sòisealta a làimhseachadh, ged nach àbhaist dhomh gu leòr a thuigsinn airson an còmhradh a chumail a’ dol mi fhèin.

Is urrainn dhomh sreath de dh’abairtean agus seantansan a chleachdadh gus cunntas a thoirt air mo theaghlach agus daoine eile, mo dhachaigh, mo chuid foghlaim, agus air an obair a th’ agam an-dràsta, no an obair mu dheireadh a bh’ agam.

Comasan Èisteachd

Is urrainn dhomh seantansan agus abairtean cunbhalach a thuigsinn a tha ceangailte ri raointean a tha a’ buntainn rium (me fiosrachadh gu math bunaiteach mum dheidhinn fhèin is mo theaghlach, ceannachd, fiosrachadh ionadail, obair).

Is urrainn dhomh a’ phrìomh phuing a ghlacadh ann an teachdaireachdan no gairmean goirid, soilleir, is sìmplidh.

Comasan Leughaidh

Is urrainn dhomh teacsaichean sìmplidh is glè ghoirid a leughadh.

Is urrainn dhomh fiosrachadh sònraichte, is ris an robh dùil
a lorg ann an stuthan làitheil leithid shanasan, bhileagan clàran-bìdh agus clàran-ama.

Is urrainn dhomh litrichean pearsanta goirid sìmplidh a thuigsinn.

Comasan Sgrìobhaidh

Is urrainn dhomh nòtaichean agus teachdaireachdan goirid sìmplidh a sgrìobhadh a tha
a’ buntainn ri rudan air a bheil feum sa bhad.

Is urrainn dhomh litir phearsanta glè shìmplidh a sgrìobhadh, mar eisimpleir a’ toirt taing do chuideigin airson rudeigin.

Sabhal Mòr Ostaig is a Scottish registered charity – No. SC002578

Partners and Key Funders