Dè th’ ann am B1?
Tha clàr-teagaisg na h-ìre Eadar-mheadhanaich B1 ag amas air luchd-ionnsachaidh a tha mar-thà air timcheall air 200 uair a thìde de dh’ionnsachadh a dhèanamh, a’ gabhail a-steach feadhainn a chaidh tro Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig a’ bhun-sgoil, seann sgoilearan FtMG a tha a’ tilleadh chun a’ chànain agus leth-luchd-labhairt a’ sireadh tuigse nas fheàrr a thaobh gràmar adhartach a’ chànain. Tha an clàr-teagasg aig B1 a dhà uimhir a dh’fhaide na tha ìrean A1 agus A2 den chùrsa, le 200 uair a bharrachd ga mholadh gus an ìre seo a choileanadh. Tha am measadh B1 mar sin air a thabhann ann an dà phàirt, B1 Pàirt 1 agus B1 Pàirt 2. Math dh’fhaodte gum bi tagraichean airson measadh B1 Pàirt 1 a dhèanamh leathach slighe tron cuid ionnsachaidh aig B1.
Bu chòir gum bi tagraichean B1 (Pàirt 2) comasach air prìomh phuingean conaltraidh a thuigsinn ann an cànan soilleir stèidhichte air cuspairean is aithne dhomh ceangailte ri obair, sgoil, coimhearsnachd no cur-seachadan. Bu chòir gum bi iad comasach air dèiligeadh ris a’ mhòr-chuid de shuidheachaidhean a tha buailteach nochdadh is iad a’ siubhal ann an sgìre far a bheil an cànan ga bhruidhinn agus teacsa ceangailte sìmplidh a sgrìobhadh air cuspairean, as aithne dhaibh, no anns a bheil ùidh aca. Bu chòir gum bi tagraichean comasach air tachartasan, aislingean, dòchasan & miannan a chur an cèill agus adhbharan agus mìneachaidhean a thoirt seachad airson bheachdan is planaichean.
B1 Pàirt 1 – Goireasan
B1 Pàirt 2 – Goireasan
Eadar- mheadhanach
→ Is urrainn dhomh dèiligeadh ris a’ mhòr-chuid de shuidheachaidhean a tha buailteach nochdadh is mi a’ siubhal ann an sgìre far a bheil an cànan ga bhruidhinn.
→ Is urrainn dhomh a dhol an sàs gun ullachadh ann an còmhradh air cuspairean as aithne dhomh, sa bheil ùidh phearsanta agam no a’ buntainn ri beatha làitheil (me teaghlach, cur-seachadan, obair, siubhal is naidheachdan).
→ Is urrainn dhomh abairtean a chur ri chèile ann an dòigh shìmplidh gus tachartasan, aislingean, is mo dhòchasan & miannan a chur an cèill.
→ Is urrainn dhomh adhbharan is mìneachaidhean geàrr a thoirt seachad airson bheachdan is planaichean.
→ Is urrainn dhomh sgeul no plota leabhair no film aithris is m’ fhaireachdainn a chur an cèill.
→ Is urrainn dhomh prìomh phuingean conaltraidh a thuigsinn ann an cànan soilleir stèidhichte air cuspairean is aithne dhomh ceangailte ri obair, sgoil, cur-seachadan, msaa.
→ Is urrainn dhomh prìomh phuingean de dh’iomadh prògraim rèidio no TBh
air cùisean làitheil no air cuspairean sa bheil ùidh phearsanta no phroifeiseanta agam nuair a tha an lìbhrigeadh meadhanach slaodach agus soilleir.
→ Is urrainn dhomh teacsaichean a thuigsinn a tha a’ cleachdadh sa mhòr-chuid cànan làitheil no obrach a bhios ga chleachdadh gu cunbhalach.
→ Is urrainn dhomh tuairisgeulan de thachartasan, faireachdainnean agus miannan a thuigsinn ann an litrichean pearsanta.
→ Is urrainn dhomh teacsa ceangailte sìmplidh a sgrìobhadh air cuspairean, as aithne dhomh, no anns a bheil ùidh agam.
→ Is urrainn dhomh litrichean pearsanta a sgrìobhadh a’ toirt tuairisgeul air fiosrachaidhean is faireachdainnean.