Measadh Air-loidhne
Tha am measadh air-loidhne seo a’ leigeil le luchd-ionnsachaidh an ìre as fheàrr a fhreagras air an cuid sgilean cànain a lorg mus clàraich iad airson cùrsa Gàidhlig no mus cuir iad romhpa deuchainn FICE a dhèanamh. Chan eil e comasach don mheasadh air-loidhne seo ach na sgilean Èisteachd, Leughadh agus Sgrìobhadh a mheasadh. Bu chòir gum bi tagraichean cofhurtail gun urrainn dhaibh na pàirtean Labhairteach a choileanadh airson na h-ìre FICE buntainniche mus clàraich iad an deuchainn aca. Bu chòir gun cleachdar am measadh air-loidhne mar stiùireadh, chan e barantas a th’ ann gum bithear soirbheachail anns an deuchainn FICE.